Overview
Nursery Key Worker, English Medium, Unqualified, Stornoway Primary Nursery (4148)
35 hours per week, Term-time, Fixed Term (Maternity Cover) Position
£24,253 - £25,183 per annum, inclusive of £2,337 Distant Islands Allowance per annum
Responsibilities
Qualifications and Requirements
Other information
Closing date
Closing Date : Monday 29 September 2025
Gaelic Version (Gàidhlig)
Prìomh Neach-obrach Sgoil-àraich, tro mheadhan na Beurla, gun Teisteanas, Sgoil-àraich Bun-sgoil Steòrnabhaigh (4148)
35 uairean a thìde gach seachdain, tron Teirm, Dreuchd Teirm-shuidhichte (fad ùine Fòrladh Màthaireachd)
£24,253 - £25,183 gach bliadhna, a' gabhail a-steach £2,337 de Chuibhreann Eileanan Iomallach gach bliadhna
Le taic, bidh thu a' cur curraicealam air dòigh a bhios a' cur taic ri, agus a' stiùireadh, ionnsachadh agus leasachadh iomlan chloinne, agus a' planadh agus a' cur seisean cluiche air dòigh, le bhith a' gabhail suim de dh'fheumalachdan gach pàiste.
Feumaidh eòlas dearbhte a bhith agad air cùram-chloinne a thaobh a bhith ag obair le pàistean òga agus an teaghlaichean ann an suidheachadh tràth-bhliadhnaichean.
Feumaidh tu ballrachd de Sgeama Dìon Bhuidhnean So-leònta (PVG) mar riatanas laghail a thaobh a bhith an sàs ann an obair riaghlaichte le Clann san dreuchd seo. ( Protecting Vulnerable Groups (PVG) scheme - mygov.scot ).
Tha tuarastal na dreuchd a' gabhail a-steach Cuibhreann Eileanan Iomallach. Thèid an neach a shoirbhicheas fhastadh air a' chiad ìre den rang.
Tha e riatanach gun leugh thu an cunntas-obrach agus an sònrachadh pearsanta 's gun toir thu iomradh air mar a tha thu a' coileanadh gach slat-tomhais air a bheilear a' toirt iomradh anns an t-sònrachadh phearsanta nad aithisg eòlais.
Thèid agallamhan a chumail an làthair gu pearsanta, a' toirt cothrom dha tagraichean coinneachadh ris an sgioba agus agus beachd fhaighinn air ar àrainneachd obrach.
Ceann-latha : Diluain 29 Sultain 2025
#J-18808-Ljbffr
Key Worker • United Kingdom